Mu dheidhinn CashBack for Communities
’S e CashBack for Communities prògram sònraichte le Riaghaltas na h-Alba a bhios a’ cleachdadh ann an dòigh aigneach mhaoinean a chaidh a thoirt bho eucoirich fo Achd nan Toradh Eucorach (POCA)– gus leudachadh fàirean dhaoine òga is fàs an cothroman an sgilean is ùidhean a leasachadh. Tha ceangal làidir aig a’ phrògram ri Lèirsinn Cheartais Riaghaltas na h-Alba.
Bho 2008, chaidh £110 millean a ghealltainn do dh’iomairtean coimhearsnachd gus piseach a thoirt air beatha dhaoine òga air feadh Alba. Chaidh còrr air 2.5 millean cur-seachad is cothrom a lìbhrigeadh do dhaoine òga gu ruige seo.
Ruithidh Ìre 5 de CashBack for Communities eadar 1 Giblean 2020 gu 31 Màrt 2023 is e a’ cur taic ri pròiseactan a bheir farsaingeachd de ghnìomhan do dhaoine òga eadar aois 10-24 a bheir:
- Taic do dhaoine, teaghlaichean is coimhearsnachdan a tha as motha a’ fulaing eucoir
- Taic dhaibhsean as motha an cunnart a bhith an sàs ann an giùlan ana-shòisealta, ciontachadh neo ath-chiontachadh slìghe aigneach a leantainn
- Taic do dhaoine òga as motha an cunnart dol dhan t-siostam cheartais
Buileach, gnìomhan a thabhann, nach eil caisgte a-rèir aois, a choileanas na th’ os cionn agus;
- A bheir taic eadar-ghinealachail do phàrantan, teaghlaichean is clann a dh’fhulaing Droch Eòlasan Leanabachd
Lìbhrigidh 24 buidhnean Còmpairteachaidh CashBack taghadh chur-seachadan bho obair-òigridh dhibhearsanach gu pròiseactan eadar-theachd nas fhaid-ùine a b’ urrainn beatha dhaoine òga atharrachadh gu tur is cothrom a thoirt dhaibh a bhith a’ cosnadh, ann am foghlam, neo ag obair gu saor-thoileach.
