Jump to content

Fiolman

Fiolman

CashBack for Communities 2017-2020 air adhart – Beòthachadh

Beòthachadh goirid a’ mìneachadh prògram CashBack for Communities is na buaidhean beatha-atharrachail a th’ air a bhith aige do mhìltean òigridh an Alba. A’ glacadh cuid de na prìomh stadastaigean is cuideachaidhean cruinnichte a thug pròiseactan gu soirbheachail do luchd-pàirteachaidh, bho aithisgean measaidh cùraim eadar 2017 is 2020. Leanaidh an ath ìre de CashBack for Communities eadar 2020 gu 2023 a’ strì gus taic a thoirt don dhaoine òga is teaghlaichean as ana-chothromaichte an Alba. Lìbhrigidh 24 buidhnean compàirteachaidh CashBack for Communities taghadh chur-seachadan eadar obair-òigridh dhibhearsanach gu pròiseactan eadar-theachd fad-ùine a b’ urrainn beatha dhaoine òga atharrachadh gu tur is cothrom a thoirt dhaibh a bhith a’ cosnadh, ann am foghlam, neo ag obair gu saor-thoileach. Tha CashBack for Communities fhathast a’ toirt dochais son teachd-àm nas fheàrr.

10 bliadhna de CashBack for Communities: An Sgeul Gu Ruige Seo

Fiolm a’ coimhead ri 10 sgeulachdan iongantach de ath-leumachd, fàs is cothrom. Seallaidh am fiolm farsaingeachd nam prògram air feadh Alba, ach buileach cudromach, mar a tha luchd-pàirteachaidh iad fhèin a’ mìneachadh an compàirteachadh aca le CashBack for Communities. Na tha e a’ ciallachadh dhaibhsean is an t-atharrachadh a-rinn e dhaibh. ’S e am fiolm comharrachadh de 10 bliadhna de CashBack for Communities a th’ air na toraidhean glaicte bho eucoir a chleachdadh gus fàirean dhaoine òga fhàs gu misneachail is leudachadh na cothroman aca an cuid ùidhean is sgilean a leasachadh.

Tha am fiolm na choisrig don uimhir mhìltean de dhaoine òga an Alba a th’ air pàirt a ghabhail ann am prògram CashBack for Communities bho 2008. Tha taing shònraichte ann do bhuidhnean compàirteachaidh CashBack for Communities is an luchd-obrach a th’ air strì gus buaidhean maireannach a thoirt dhaibhsean uile ris an do chuir iad taic tro na pròiseactan CashBack for Communities aca. 

Stiùirichte le Sandy Butler

Air a riochdachadh le Sarah Paterson, YouthLink Scotland agus Arran Dewar is Sam Linton, Inspiring Scotland agus Riaghaltas na h-Alba

Trèilear ro-ràidh CashBack for Communities

Fiolmaichean Fa-leth